11137: Comataidh Ionaltraidh Chirceboist (Dùbhlachd 1950)

A poem written by Norman Macdonald of 11 Kirkibost about the newly elected Kirkibost Grazing committee and the leaving members.

Feuch a lorg sibh daoine dìleas
A bhios sìmplidh, ciùin na nadur
Ghabhas cùram dha ar cùisean
Coltach ri an trùir1 a dh’fhàg sibh

Anns eil muinighin agus earbsa
‘S nach toir ana-ceartas dha nàbaidh
‘S a bheir a theachd-an-tir de arbhar
Don tarbh air lota Dhanaidh2

Nuair a thèid an “clearca” a sgrìobhadh
Gu na daoine tha ga ur pàigheadh
Gheibh sibh airson crodh is caoraich
Luach ur saothair ris an àiteach

Tha na croitearan làn riaraichte
Leis an riaghailt tha ann an dràsta
Bhon tha dùil aca ri tuilleadh
Nuair a chuireas iad buntàta

Bith iad moladh Macmhaolainn
Airson a dhìchill ris na càirdean
Chan eil sgillinn bheir am Bòrd dhaibh
Nach eil a cosg a còig nan àite

Fhuair sibh triùir de dhaoine pongail
Chunntas ann an Beurla ‘s gàidhlig
Murchadh Dhanaidh3 ‘s Pàdraig Mhurchaidh4
‘S fuiridh Aonghas5 ann ‘na ‘clearca’

Bhon a fhuair sibh daoinne ciallach
Tha ri lionadh suas ‘ur ‘n àite
Lasaidh sinn a nis ‘ur pìoban
‘S gheibh faochadh bhon a chàineadh

 

 

(1) Donald Macdonald “Domhnall Mhickenzie”, 25 Kirkibost, Angus Maciver “Aonghas Mhurdo” 21 Kirkibost and Norman Macdonald “Tormod Dhol” 11 Kirkibost

(2) Donald Morrison, 4 Kirkibost

(3) Murdo Morrison “Murchadh Dhannaidh”, 4 Kirkibost

(4) Peter Murdo Macdonald, 16 Kirkibost

(5) Angus Maciver “Aonghas Mhurchaidh”, 21 Kirkibost

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL