60861: Òran Jasper

These verses were composed by Janet Martin of 2 Shieldinish, to her son Donald (Jasper) whilst he was in Egypt on his way to the Boer War.

Ille dhuinn gur tu bu toigh leam
Co-dhuibh a theireadh cach e
Ille dhuinn a dh’fhàg Diluain
‘S a dh’fhàg fo gruaim do mhàthair.

Siud far an robh na gillean sgoinneil
De Chlann Choinnich a bha iad
Siud far an robh na gillean ciatach
Bha deich cheud anns a mharch dhuibh

Bha iad ann de gach seòrsa
Dòmhnallaich is MacAoidhean ann
Sibh mar chaoraich am buaile
Sibh cuartaich air bha braighean

Sibh mar chaoraich ann am faing
‘S na nàimhdean is iad làmh ribh
Is òg leam chaidh thu seachad
Fo bhratach na bana-righinn

Smaointean ort le cion a’ bhùrn
‘S tu muigh air cùl an fhasaich
Smaointean ort bhith san leabaidh
Nad shìneadh anns na blàran

Smaointean ort fo chlaimheamh ruisg
‘S e siud a chrùb gu làr mi
‘S nam biodh agam sgiathan pheucaig
Dhan an Èipheit gun snamhain

Dheidhinn deas air a’ Mhuir Ruadh
Le gaoth tuath nam fàbhar
Dheidhinn gu gearasdan Cheiro
B’eibhinn leamsa an t-àite.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1899
Theme:
military
Record Maintained by:
CECL