60826: A Phiseag a Ceòs

Poem about Colin Mackenzie (am Piseag) of 9 Keose and a sheepdog; composed by Duncan Dodds of North Tolsta.

A Phiseag a Ceos

Chan aithnichinn idir a Phiseag a Ceòs
Gus an t-seachdain a chaidh s mi ag òl san taigh òsta
Nuair a thàinig e bhruidhinn s a dh’fhaighnich e dhomhsa
Am b’aithne dhomh cuilean a threanaigeadh
Ma tha, tha mi’n dùil ‘s e an t-ionnsachadh òg.

Gu de arsa esan a bhios agad ri òl
An gabh thu tè ruma tè bheag no tè mhòr
Tha mise anns an dachaigh bh aig m’athair an Ceos
Caoraich ‘s airgead gu leòr agam
Ma tha tha mi’n dùil nach gabh sinn tè mhòr.

Thoisich mise agus esan ag òl
Far an dh’fhuair Mac na Banrigh am branndaidh ri òl
Thoisich a’bhruidhinn bha seanchas gu leòr
Bha sin agus òrain mhath Ghàidhlig ann
Ma tha, tha mi’n dùil bha neart san tè mhòr.

Nuair a dh’fhalbh esan dhachaigh bha car math na cheann
Dol a-mach air an doras ‘Oidhche math’ dh’eigh e rium
Chì mi thu dh’aithghearr ‘s bidh an cuilean air sreang
Cuimhnich gun gheall thu a threanaigeadh
Ma tha tha mi’n dùil a-nall leis a chù.

Nuair a ràinig mi dhachaigh air feasgair Diluain
Mi sgìth ag obair air bata làn guail
Nuair a chaidh mi chun doras a b’fhaisge air a’chruaich
Bha an cù a-sin ceangailte ‘s bhìd e mi
Ma tha tha mi’n dùil cuilean fear Cheois.

Bhìd e nighean a b’oige den chloinn
‘S chuir mi a Nis e an àite peilear chuir ann
‘S a fear a thug leis e, san thuirt esan rium
Gheibh thu mult agus paidhidh mi dubhailte thu
Ma tha tha mi’n dùil mas dèanadh e call.

‘S ann air Diluain chaidh falbh leis a’ chù
Chaidh e air carbaid nuair dh fhalbh Mac an Diùc
Cha robh dùil agam idir gun tilleadh e an taobhs
Ach thill, rinn e cron agus sgiùrs iad e
Ma tha tha mi’n dùil cuilean fear Cheois.

Ma thachras a’ Phiseag riumsa gu brath
Gheibh e sgal ga mo theanga ach cha thog mi ris làmh
‘S ann a thèid sin gu drama ‘s e sin fad’s fheàrr
‘S bi òrain shuigeardach Ghàidhlig ann
Ma tha tha mi’n dùil ‘s cha bhi guth air a chù

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Theme:
humour; characters
Record Maintained by:
CECL