51885: A h-uile latha chì s nach fhaic

Chaidh na t-amhran so a dheanamh le balach a Bhaltos a chaidh a dh’ Ameiriga – ‘a Chearrag’ neo ‘Domhnall Mhurchaidh Dhomhnaill a’ Sguthair’. Tha e ag cuimhneachadh air an dachaidh agus na daoine a dh’fhag e, agus gu h-àraidh air na laithean sona air an airidh.

This song was written by a boy from Valtos who emigrated to America, Donald Maclennan. He is reminiscing about his home and the people he left behind, and especially about happy days at the sheiling.

 

A h-uile latha chì ‘s nach fhaic

A h-uile latha chì ‘s nach fhaic
‘S a h-uile latha chì sinn
Deoch-slàinte mo chaileag nì mi òl
A h-uile latha chì sinn

Ag cuallach bhò air cùl nam beann
Gu cridheil, bàidheil, sunndach
Bha Sìne, ‘s Seonag ‘s Oighrig ann
‘S mo Mhàiri laghach bhòidheach.

Bu shona bha mi là ‘s dh’oidhche
Nam shìneadh ri gach nìghneag
Le Anna bheag ‘s Màiri Bàb
An airidh bheag na Trianaid.

An nochd bu mhiann leam a bhith ann
Air gleann Scanadail a’ còmhnaidh
Ag èisteachd òrain ‘s puirt air beul
Cairistiona, nighean Iain Dhòmhnaill.

‘S Anna bhàn gan tug mi gràdh
‘S I maighdinn a bha ceòlmhor
Aig ceann na clèith a’ luath a’ chlò
‘S nach tugadh smeòrach buaidh oire.

Mo bheannachd aig gach beann ‘s gleann
Mo chridhe trom ‘s mi seòladh
Mo shoraidh slàn aig luchd mo ghràdh
‘S nach fhaic mi chaoidh ri m bheò iad

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEU

Related Media

Donald Maclennan

Donald Maclennan