39846: Gun tiotal [Ni mi aithris dhuibh gu riannal]

Bàrdachd gun thiotal air a sgrìobhadh le Niall Iain Thormoid Alasdair e Circebost 
[Untitled poem written by Neil John Maclennan of Kirkibost 

Ni mi aithris dhuibh gu riannal
Mar a thriall an 'crew' aig Broigean
Chaidh an Teurach ud a lìonadh
Leis gach cliabh 's biadh 's mòine
Thug iad leotha mar an ceudna
Fiodh 's iarann agus òrd innte
Gus bhith leasachadh gach feum
Sa bhothag iasgaich ann am Bòstadh

Nuair a ràinig iad a bhothaig
Chaidh a thogail le Clann Màiri
Cha robh cabar air a' mullach
'S cha robh ursainn dhith an àrda
Thug iad ionnsaigh air a togail
'S ì cho goireasach mar fhàrdaich
'S an uair a chrìochnaich iad gach obair
Dh'èirich tobair anns an làr aice

Cha robh math a dhol na b'fhaide
'S i gun seasgaireachd mar chàmpa
Cha robh nis aca àite fasgadh
'S bothag Alasdair gun cheann orra
Sin thuirt Giullam agus faoilte air
'S fheudar sgrìobhadh gu Macamhlaidh
'S innsear dhàth gur e mo shìnnsear
Thànaig an Cuan Sgìth gun chombaist

'S iomadh ceann 's a bheil a lag-chuis
Rinn thu aithris ann ad chainnte
Glèidheadh cuimhne air càirdeas beartas
'S thèid a bhochdan tur a cuimhne
Ach taing do shealbh nach eil an cleachdadh sin
Ri fhaicinn aig Macamhlaidh
Seall an tìodhlac thuair na "h-aunties"
Gus a mansa chuir air cheann dhaibh

Sa mhadainn mhoch 'n àm èirigh grèine
Chaidh iad air na clèibh a shealltainn
Chunnacas sealladh leotha bha èibhinn
Roinn mar fèidh air feur an Càmpaidh
Sinn thuirt Iain 's e ri ag èiridh
Sealltainn sìos air luchd a' "phension"
Thugaibh dhòmhsa an t-òrd ri fheuchainn
Nì mi feum bhon thà mi cìnnteal

Thog e an armachd air a ghualain
'S rinn e an craoladh dheth gu sàbhailte
Ach mo chreach agus mo learadh
Thug na biastan chun an t-sàil oir
Cha robh sin gu math bhon ghrèin dhaibh
'S mac a Ghàidheal air am braighde
Sheas e ròpa gu fearail, trèuna
'S rinn e grèim a chuir air dhà dhiùbh.

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1935
Record Maintained by:
CEBL

Related Media

Winter bothan

Winter bothan