44218: Domhnall Mac a Ghobhainn: Aig an Obair II

Seo beagan eachdraidh mu bheatha Dhomhnaill Mhic a Ghobhainn, 15 Cromor. B’e athair, Fionnlagh Sheonaidh Mhòir Mhuldonaich agus a mhathair, Iseabail Ruaraidh.

previous

English version

Nuair a thòisich an Cogadh ann an 1939 se mi fhìn, Ruaraidh Dhomhnaill Choinnich agus Ailigean Iain Alasdair Mhòir a’ chiad triùir a dh’fhalbh à Cromor. Chuir mi seachad tri seachduinnean ann a’ seada mor ag ionnsachadh ‘rifle drill’. Chaidh mi ‘n uairsin air soitheach trèinidh, an ‘Iron Duke’. Thug iad a mach tri mìle sinn airson ‘firing practice’ agus ged a bha brag chruaidh aig àm a’ loisgidh cha robh dian sam bith air ar cluasan. Cha do rinn sin dad oirnn. Nuair a chunnaic sinn na paipeirean an ath latha bha pìos mor ann mar a bha muinntir an àit a’ trod seach gun bhrist’ na h-uinneagean anns na taighean ac. An ath shoitheach air an deach mi bha i air an aon ‘run’ air a bheil a’ Suilven an diugh, eadar an Eilean Tuath agus an Eilean Deas ann an New Zealand. Chaidh a’ togail ann an Glaschu, agus abair thus gu robh i breagha. Cha robh i fada thall ann an New Zealand nuair a thoisich an Cogadh ‘s chaidh a h’ òrduchadh gu Cape Town. Abair ùpraid! Stiall iad aisd’ a h-uile dad a chaidh a chur innt’ ann an Glaschu.

Nuair a dh’fhalbh sinn a Glaschu chaidh sinn chun a ‘Western Approaches’, ‘s air ais ‘s air adhart à sin gu Freetown ann a Sierra Leone. Nuair a thill sinn a-null fhuair sinn dà latha forladh. Thàinig mis’ dhachaidh, ach nuair a thill mi bha i air falbh. Thug mi greis mu’n d’fhuair iad t-eile dhomh. ‘S ann gu Norwegian trooper a chaidh mo chur. Sheòl sinn a Lerwick a null gu Norway ach chaidh ar tilleadh air ais. Bha sin feumail dhomhsa oir bha mi air cur a steach airson ‘Torpedo Course’. Bha mi greis anns na ‘barracks’ mun deach mi sìos gu Cardiff gu seann ‘cruiser’ bho’n chiad Chogadh. Cha robh oirre ach mi fhìn agus oifigear neo dhà. Bha sinn dol innte feadh a’ latha agus a’ tighinn air tìr air an oidhche. Dh’fhalbh sinn ‘s cha robh càil a dh’fhios againn càite robh sinn a’ dol. ‘S ann an Africa a stad sinn agus thàinig sinn air ais gu Liverpool le deich tonna de dh’òr. Breicichean dheth. Cha d’fhuair mi aon aca. Dh’fhàs mi tinn le pian ‘na mo chnamhan agus thill mi chun na ‘barracks’, far an deach mo chur dha’n ospadal airson dà mhios. Cha robh mi faireachdainn glé mhath aig an àm a fhuair mi mach às an ospadal agus thubhairt iad rium a dhol gu H.M.S. Quebec, ‘shore base’ ann an Inveraray. Bha ‘marines’ is saighdeirean ann a sin, trèinigeadh mar am beath’ airson an ‘invasion’. Bhiodh sinne falbh leotha anns na h-eathraichean. Nuair a bhiodh gèile ann bhiodh iad a briseadh air falbh ‘s dh’fheumadh sinn an ‘todhaigeadh’ air ais. Sin mar a chuir mise seachad an còrr dha’n a’ Chogadh. Bha mi gu math fortunach. Cha do dh’eirich mòran dhomh idir.

Aig deireadh a Chogadh thill mi air ais a Chromor ‘s thoisich mi ‘g iasgach. Fhuair sinn an ‘Dòchas’. Phòs mi Mor ‘Snudaidh’ à Cromor agus bha sinn a’ fuireach anns a’ bhaile gus an deach sinn a dh’fhuireach a Lacasdail ann an 1954.

Thòisich mi sin a dol a mach air bàt’ sam bith a bha deanamh suas sgioba, cuideachadh ann an siud ‘s an seo. Ann a làn thìde fhuair mi air an ‘Ivy Rose’ le leth roinn. ‘Se ‘navigator’ dha rìreabh a bh’ann a Murdo C. Dheidheadh e a dh’àit sam bith, ach nuair a dh’fhàsadh e sgìth dheanadh e air Steornabhagh. Se a chanadh e, "chan eil margaid ann an Ulapul an diugh ann". Tha cuimhn’ agam aon latha coinneachadh ri balaich Aonghais Dhomhnaill ‘s iad a’ cumail air Ulapul. Bha sinne air ar slighe air ais a Steornabhagh. Bha mi comhradh ri Donnachadh ach cha d’thubhairt mi ris nach robh margaid an Ulapul idir. Bha sin cho math oir bha margaid ann. Bha sgioba math againn’. Balaich mhora thapaidh as a’ Rudha. Tha cuimhn’ agam nuair a bhiodh "an Isean" a bruich a sgadain, bhiodh e toirt fichead mionaid dha. Bhiodh càch a radh gu robh e toirt cus bruich dha, gus na dh’fhàs e sgìth a’ cluinntinn seo. Nochd e leis aon latha agus thubhairt e, " Siud e agaibh agus cha d’fhuair e ach coig mionaidean, ‘s ma mharbhas e sibh, – dragh". Cha chual’ e an còrr gearainn ma dheighinn bruich a’ sgadain.

Bha mi air a’ chiad Bàta a chaidh a mach le ‘trawl’. Bha ‘trawl’ aig Alasdair Macpharlain air an ‘Evening Star’. Chan eil fios agam càite ‘n d’fhuair e greim air, ach co dhiù chaidh sinn còmhla agus ghlac sinn seachd cruinn. Bha daoine deanamh tòrr fuaim mu dheighinn an ‘trawl’, nach fhàgadh e sgadan anns a’ mhuir. Bha an t-iasg pailt, ach cha robh prìs air. Tha cuimhn’ agam bucas easgannan a cheannach bho eathar Bucach air dà thasdan an te. Dh’fhalbh mi leotha chun na Lochan agus bha mi g’an reic air leth-chrùn. Stad mi aig taigh sgoile Chearsiadair ‘s bha maighistir sgoil’ à bh’ann aig an am a’ smaoineachadh gu robh iad uabhasach daor.

Bhiodh sinn a faighinn ‘prawns’ cuideachd. Aon latha dh’iarr mi air na balaich poca ‘phrawns’ fhàgail agam airson an cur air an talamh- airson an talamh a thodhar. Nuair a ràinig mi dhachaidh bha bloc mor anns a phoc a measg nam "prawns". Co dhiù, chuir mis na bh’ agam air an talamh agus abair gun do rinn e feum. Bha mi faighinn buntata math dha rìreabh. Chan eil mi cur buntata nis idir. Tha mi fàs ro aosd. Tha mi streap ri ceithir fichead sa deich ach tha mi deanamh glé mhath fhathast. ‘S mi tha.

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Record Maintained by:
CEP