44217: Domhnall Mac a Ghobhainn: Aig an Obair I

Seo beagan eachdraidh mu bheatha Dhomhnaill Mhic a Ghobhainn, 15 Cromor. B’e athair, Fionnlagh Sheonaidh Mhòir Mhuldonaich agus a mhathair, Iseabail Ruaraidh.

English version

Rugadh mi ann an Cromor ann an 1907 far an deach mi dha’n a’ sgoil aig coig bliadhna dh’aois. ‘Se Msr. MacDhonnachaidh a maighistir sgoile a bh’ann. Bha cuid mhòr a’ cumail a mach nach robh feum air bith ann, ach bho dh’fhàs mise suas chan eil mi de’n bheachd sin idir. Tha e coltach gu robh am maighistir sgoile a bh’ann roimhe, Msr. Bruce, math air teagaisg Gaidhlig. Nuair a thàinig MacDhonnachaidh bha e de’n bheachd gu robh chlann fileanta gu leòr seach gu robh iad a’ bruidhinn na Gaidhlig agus feumach air an teagaisg ‘sa Bheurla. Nuair a thàinig ministeir Ghrabhair a thoirt dhuinn ‘test’ bha beachd eile aige-san. Cha robh ach dithis neo triùir comasach air sgrìobhadh ‘us leughadh na Gaidhlig, agus chaidh e fiadhaich. Chaidh an dithis a mach air a cheile, agus dh’òrdaich am maighistir sgoile a ministeir a mach. Nuair a bha an trod seachad, thuirt MacDhonnachaidh, "Uill, ma bhitheas an duin’ ud ann a’ Nèamh, coisichidh mise mach." Bha MacDhonnachaidh math air teagaisg sailm dhuinn. Dh’ionnsaich mise barrachd sailm Bheurla anns an sgoil làitheil na dh’ionnsaich mi riamh anns an sgoil Shabaid. Tha cuimhn’ agam air coig neo sia aca fhathast. Bha aon ann agus a h-uile uair a dh’fhoighnicheadh am maighistir sgoile dè fear a sheinneadh sinn, dh’iarradh Fionnlagh againn’ am fear so:-

"When he cometh, when he cometh
To make up his jewels
All his jewels precious jewels
His loved and his own."

Bha mi timchioll air seachd bliadhna dh’aois a chiad turus a chaidh mi Steòrnabhagh air eathar. Cha robh an rathad air a dhol timchioll ceann a’ loch. Dh’fhuirich sinn ann an taigh Dhomhnaill Choinnich, 19 Cromor. Bha iad a’ fuireach air Mackenzie Street aig an àm ud. Thàinig sinn dhachaidh air eathair bheag a bh’aig Alasdair an Tàileir. Dh’fhalbh sinn bho’n a’ Bhataraidh, m’athair agus duine neo dhithis eile ag iomradh gu Cromor.

Nuair a dh’fhàg mi a’ sgoil thòisich mi ‘g obair aig an taigh. Aig an iasgach, obair croit ‘s rudan de’n t-seorsa sin.

Nuair a thòisich iad a togail taigh ‘na ‘Nurse’ ann an Grabhair thug iad làraidh à Steòrnabhagh airson a’ stuth a thoirt bho’n chidhe mach chun an taighe. Smaoinich m’athair gum biodh te aca glé mhaith anns an sgìre. Sin mar a bha. Thug e ‘one ton truck’ à Calanais. Thàinig i gu Cromor air an eathair ‘Good Hope’. Chaidh a cur air tìr air a steisean far a bheil an cidhe an diugh. Stiùir m’athair suas an cnoc dhachaidh i. Thug e dhomhs’ i airson a bhith falbh leatha. Cha robh mise fada a’ deanamh càrn dhith. Bhithinn a’ falbh air feadh na sgìre leatha, ach seach nach robh a’ rathad dùint’ gu lèir cha’n fhaighinn seachad air Tabost leatha. Tha cuimhn’ agam a dhol a Chearsiadair airson nan daoine thoirt a Leumrabhagh a’ latha phòs Iain Dhomhnaill Chaluim agus Mairi Dhomhnaill Bhig.

Bha tòrr bhàtaichean ann an Cromor nuair a bha mis’ òg. Tha cuimhn’ agam air ainm agus ‘registration’ a chiad fheadhainn a chunnaic mi riamh. B’ iad a ‘Violet, SY 217’ agus an ‘Dove, SY 72′. Bha bàt’ aig MacConnachaidh air an robh am ‘Pioneer, SY 1021′. Bha sgiobadh nam bàtaichean sin a’ fuireach anns na bailtean seo fhèin.

Bha oifis puist agus bùth aig Dan, agus bùth eile aig MacConnachaidh. ‘S ann nuair a leig esan seachad ì na sheann aois a dh’fhosgail sinne bùth, sinn fhèin. Cha robh moran cuideachadh aig MacConnachaidh bochd agus bhithinn a’ toirt stuth suas còmhla ris bho’n a’ chladach. Chan fhaigheadh e air mo chumail air falbh co dhiù. Ma bha eathar air cladach bha mise innte an uair ud. B’abhaist dhomh a bhi a’ dol a null a thoirt bearradh air MacConnachaidh leis a ‘chut throat’. B’ iongantach nach do gheàrr mi amhaich’.

Bha eathraichean againn’ fhìn cuideachd. Bha te againn air an robh ‘Star of Hope’. ‘S ann aig Lord Leverhulme bha i, agus cheannaich Nisich i airson a bhith toirt stuth sìos à Nis airson bùth a bh’ac. Ach bha i ro mhòr airson a dhol a steach chun a’ chidhe agus b’fheudar dhaibh a reic. Sin mar a fhuair sinn i. Chaidh i rithist a Chalbost air earrainn agus chaidh i ‘nà teine fhads a bha i ann. Bha sin an ‘Spray’ agus an ‘Aurora’ againn agus ‘se an ‘Elsie’ a bh’ againn nuair a bha sgadan mòr Loch Eireasoirt ann. Abair gu robh sgadan gu leòr ann aig an am sin, ach bha e dall. Bha an dàrna sùil aige geal. Chan eil càil a lorg agam de bu choireach, oir cha d’fhuair mi riamh mìneachadh air. Bha gu leòr dha’n a bheachd gur e sin an aobhar airson gu robh e snàmh gu tìr.

Bha iad a tighinn às gach cearna a dh’iasgach a’ sgadain. Bha driftear à Tìr Mòr a bhos air an robh an ainm ‘Burn Haven’. Chur i ann a Loch Thorastaidh air oidhche bhreagha agus chaidh an sgioba sìos fo rum. Thòisich i air liostadh ‘s cha robh iad a’ tuigsinn de bha ceàrr. ‘N uair a thug iad sùil bha i air sgeir. Cha do rinn e moran oirre. ‘Se a bh’ innt’ ach soitheach iarrainn. Bha a h-uile duine feuchainn de na gheibheadh iad. Tha cuimhn’ agam sinn fhìn a dhol a mach tràth air maduinn Di Luain turus. Chur sinn, ach cha d’fhuair sinn dad. Bha mi fhìn glé thoilichte, mus biodh daoine smaoineachadh gun do chur sinn air an t-Sabaid.

Bhiodh sinn a’ dol dha’n a Phàirc a sealg nam fiadh cuideachd. Chaidh mi fhìn, Seonaidh Angaidh, Aonghas Dic agus Iain Aonghais Sheonaidh ann aon oidhche. Dh’fhàg sinn Iain anns an eathair ‘s chaidh càch air tìr. Bha sinn air dà fhiadh a mharbhadh nuair a thainig an geamair agus a mhac. Chaidh sinn air falach. Bha fios againn glé mhath gun tilleadh iad air ais gu Isginn mus fàsadh e dorch. Nuair a dh’fhalbh iad rinn sinn às leis an eathair, agus chuir iad mi air tìr pìos air adhart, agus thill mi air ais chun an àit far ‘na dh’fhàg sinn na feidh. Nuair a bha cùisean sàmhach a rithist, thill iad air ais leis an eathair agus thog iad mi fhìn agus na feidh. Thug sinn dhachaidh na dhà. Bha còta leams’ le D.S. air an druim aige air Iain agus bha eagal oirnn gu’m biodh beachd math aca co bh’ann, oir bha mis’ a falbh le bus aig an àm. Ach feumas e bhith nach do thuig iad idir, bho’n greis an deidh sin bha an geamair ann an Cromor agus cha do chuir e dragh sam bith oirnn. Tha cuimhn’ agam turus eile nuair a chaidh m’athair agus mo sheanair suas gu Brollum le eathair bheag ceithir troighean deug. Dh’iomair iad ann agus air ais. Mharbh iad làn an eathair. Thàinig cuairt air mo sheanair agus bha m’athair a cumail a mach gur e an ruma bh’ac a chum a dol e gus an d’fhuair iad dhachaidh e. Bha iad fortunach air dòigh na dha a latha ud. Cha robh iad air faighinn suas chun an taigh bho’n a’ chladach nuair a thainig gèile bho ‘n earra dheas.

Chaidh mi dha’n a ‘Reserve’ cho luath ‘sa bha mi ochd bliadhna deug. Dh’fheuch grunnd againn’ ri dhol ann mus robh sinn an aois. Bha mi fhin, Ruaraidh Dic agus balaich à Grabhair ann. Dh’aithnich iad nach robh sinn ochd bliadhna deug agus thainig na poilis air ar tòir. Chaidh cain’ da not oirnn. Cha deach Ruaraidh Dic ann tuilleadh. Dh’fhalbh e dh’ Ameireagaidh. Bha e glé cheart. A chiad ‘drill’ aig an robh mi ‘s ann an Chatham a bha e. Bha Aonghas, bràthair m’athair agus Aonghas Thormoid còmhla rium. Bha sia seachduinnean anns a chiad ‘drill’ agus tri anns an ath the.

Fhuair mi mo ‘licence’ ann an 1923. Cha robh ‘test’ ann, càil ach cur ga iarraidh. ‘S ann aig Domhnull Moil ann an Grabhair a bha chiad char a bha seo. Bhiodh Murchadh Ailig dha dhraibheadh. Fhuair sinne ‘n uairsin bhan bho Mitchell. Fhuair mi fhìn a rithist car le seachd suidheachainn. Nuair a chaidh a’ rathad a dhùnadh timchioll ceann a’ loch bhiodh sinn a dol a’ Steòrnabhagh le ‘passengers’. Cha robh ‘time table’ againn’ an toiseach, ach an uair a thòisich na busaichean eile bha ‘time table’ dha cleachdadh agus bha sinn a’ gabhail oidhche ma seach a fuireach an Steòrnabhagh gus an tigeadh a’ steamar. Bhiodh e glé thric uaireannan ‘sa mhadainn mas ruigeadh sinn dhachaidh. Bha e gu math duilich anns a’ gheamhradh le sneachd. Cha robh dad a’ dol air na rathaidean, ‘s bha sneachda ‘dol na dheigh. Cha robh guth againn air. Dheanamh sinn rud sam bith an uair ud. Cha robh ciall againn càil a dheanamh ri bus go stadadh e. Mur a tòisicheadh e dhomhs’ anns a mhadainn bha mi toirt a bhataraidh bho’n a ‘wireless’ agus dha ceangal ris a bhus. Dh’obraicheadh e mar sin.

next

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Type Of Story Report Tradition:
Reminiscences
Record Maintained by:
CEP