39025: The Death of Donald of Luachair (Gaelic)

Bha teaghlach mhòr aige Dugall Macamhlaigh air tac Bhreanais. Chaidh a’ chiad triuir aca dhan an Oilthigh agus chaidh a màthair a mach a shealltainn orra. Chan fhaigheadh iad air falbh is tighinn ás na bailtean mòra mar a gheibh iad an diugh. Chaidh a màthair a shealltainn orra agus ghlac i a bhana-ghucach agus bhàsaich i. Dh’fhàgadh Dùghall ann am Brèidhnis leis an teaghlach mhòr agus an tac agus cha robh sin furasta dha. Thàinig boireannach òg a cumail an taigh dha agus thuit e leatha agus ‘s e Dòmhnall na Luachrach a bh’air an leanabh a bh’aca. ‘S e athair a thog e agus an uair a dh’fhàs e suas an dèidh dha am balachas a thoirt a mach thug athair dha taca na Luachrach. ‘S ann bhuaithe a thàinig feadhainn de Chlann Amhlaigh a tha am Bearnaraigh fhathast agus feadhainn ann an Càrlabhagh agus feadhainn eile.

Cha phòsadh an nighean Dùghall, ged air bith dè bu choireach, ach phòs e rithist tè eile agus bha teaghlach ghillean aige bho’n an tè sin cuideachd. Bha trì Dòmhnallan anns an teaghlach sin agus cha b’e an aon mhàthair a bh’aig duine de na tri Dòmhnallan. Dòmhnall òg ‘s an bhuaithe tha D.R. Macaulay Medical Officer a th’ann a Liurbost. Chaidh iad a Úig a Leumrabhagh neo a dh’Orasaidh as an t-shean aimsir nuair a bha na h-àirighean aca thall an sin agus chaidh a ruagadh as a sin a rithist gu taobh tuath a Loch. Sin mar a stad iad ann an Liurbost.

‘S e duine glè adhartach a bh’ann an Dòmhnall Óg. ‘Nuair a bhàsaich e sann a’ tighinn an nuas á Loch Thanamamhaigh a bha e agus falamadair an eathair aige na laimh. Latha math, a bh’ann ‘s iad ag iomradh agus bhàsaich e ‘na shuidhe air a’ stiùir. Cha do thuit e idir ged a bhàsaich e, feumaidh e bhith gur e tinneas a’ chridhe a thàinig air, ach bha e aosda. Nuair a chuala MacNiceal a bh’ann an Carnis, a bha cumail crìochan ris ann an Ceann-Chuiseil, gun bhàsaich Dòmhnall Òg ann am Brèidhnis , ‘s e a’ cheist a chuir e:

"A bheil fhios" ars esan, "na dh’fheuch duine a robh bad de dh’feur Cheann-Chuiseil aige na phòcaid?"

‘S e duine eagalach tlachdmhor a bh’ann agus rinn cuideigin amhran dha, cumha, agus bha an t-amhran sin anns a ‘Celtic Magazine’ ann an Glaschu, timcheall air 1880 neo 1882.

An t-urr. D. Macamhlaigh

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Date:
1762
Record Maintained by:
HC