105491: Sabaist Mhòr Wick

le Iain Murchadh Eachainn, Lacasaigh

Anns an t-samhradh den bhliadhna ochd ceud deug dà fhichead ’s a naoi deug, bha balach òg, ceithir bhliadhna deug a dh’aois, à Bail’ Ailean ag obair air bat-iasgaich athair. Anns na laithean ud, bhiodh na bataichean a’ dol suas a dh’Inbhir Uig air tòir an èisg. Aon feasgar Disathuirne, an deidh do Dhòmhnaill agus athair am bàta a cheangal an àirde ris a’ chala airson an deireadh sheachdain, thug athair dha sgillinn leis an ceannaicheadh e rudeigin dha fhein anns na bùthan. Leis an t-airgead cheannaich e ubhal, rud a bha cho annasach anns na laithean ud ’s gu robh e glè phrìseil dha.

Air a shlighe air ais chun a’ bhàta dh’fheuch balach òg à Inbhir Uige ris an ubhal a thoirt bhuaith. Cha robh Dòmhnall a’ dol a leigeil seo leis idir agus chuir e aghaidh air a’ bhalach le uile neart. An ceann mionaid neo dhà bha sabaid mhòr air bristeadh a-mach, le aithrichean nam balach a’ dol an sàs. Ann am beagan ùine bha sgioba nam bàtaichean a bh’ anns a chala air a dhol sàs na chèile cuideachd, an deidh a bhith a’ coimhead na bha a’gabhail àite ann an uamhas. Mar nach biodh sin gu leòr, cha robh e fada gus an robh muinntir baile Inbhir-Uige iad fhèin a’ faighinn sliseag den iomairt.  Mu dheireadh chaidh fios a chuir air na poileis agus chaidh falbh le cuid de bhalaich Leòdhas dhan a’phrìosan.

An fheasgar sin dh’fhalbh Dòmhnall MacLeòid (Dòmhnall Ruaridh), 10 Lacasaigh, a bha feargach leis cho mi-chothromach ’s a bha tachartsan an latha air a bhith, ’s thug e an crann bhon bhàta-siùil aige, a chleachadadh e mar spàrr bualaidh gus an saoradh e na Leòdhasaich a bha gan cumail an grèim. A rèir beul-aithris na sgìre cha do dh’fhag bàta cala Inbhir Uige fad an t-seachdainn fhads a bha an t-sabaid a’ leantain.

Bha aon fhear ann a fhuair air falbh bho làmhan an lagha. B’ esan duin’ òg, calma à Ceòs leis an ainm Rob Dòmhnallach. Rinn na poileis an dichioll a chuir an grèim, ach chuir e aghaidh orra agus theich e gu Loch an Inbhir. Air a shlighe chaidh each agus cairt, le cupall òg air bòrd, seachad air. Dh’fheuch Rob ri stad a chuir air an dithis, ach cha stadadh iad airson an fhear-siubhail sgith idir.

An deidh dhaibh a dhol seachad ’s ann a ruith Rob as an deidh cho luath ’s a b’ urrainn dha. Rug e an àirde ris a’ chairt, shreap e suas agus phut e an cupall òg a-mach air a’ chliathaich. Dh’ fhalbh na h-eich mar a’ ghaoith agus rinn iad air Loch an Inbhir, ach ma tha eòlas agaibh air eich bidh fios agaibh gur e beathaichean gu math ruighinn a tha unnta! Cho luath ’s a dh’fhàs iad sgith ’s ann a stad iad – agus cha charaicheadh na beathaichean às an àite anns an robh iad nan seasadh, ged a sheasadh Rob bochd air a cheann. ‘S thàinig air an truaghan coiseachd an còir den t-slighe a Loch an Inbhir.

À sin, sheòl e a-null a Chròmor far na dh’ fhuirich e gus an do bhàsaich an ùpraid sios. Nuair a shocraich cùisean anns an fhoghair, thill e dhachaigh a Cheòs – agus ’s e bha air a dhòigh. Cha do chosg e tìde sam bith a charaidean fhaicinn agus chuir iad seachad gach oidhche a’ cluiche chairtean ann am Mansa Cheòis còmhla ri na seirbheantan.

Ach, cha robh an saorsa seo a’ dol a mhaireachdain. Ann an àm nach robh fada bhris dà phoileas a-steach, chaidh glas-laimh a chuir air Rob eadar an dithis agus rinn iad air Steòrnabhagh. Bha Rob bochd às a chiall. A’ dol seachad air Loch na Ritheanan dh’iarr e air na poileis a leigeil às. Gu nàdarrach, dhùilt iad agus ma bha na h-eich a tighinn à Loch an Inbhir fada nan ceann, bha Rob na    bu ruighinn buileach! Rinn e às sios chun an loch le poileas air gach taobh dheth agus thoisich e a’ coiseachd a mach dhan a’ bhuirn. Abair sealladh! A-rithist , dh’iarr e air na poileis a leigeil bho ghrèim. A-rithist dhùilt iad. Mu dheireadh rinn e a chuis air fear dhiubh a bhogadh fon uisge, ’s chum e mar sin e gus an dh’iarr an dà phoileis trocair agus leig iad às e. Rinn e às na ruith agus an oidhche sin bha e air an Tairbeart a ruighinn, far an deach e air bòrd soitheach a bheireadh tarsaing gu Tir Mòr e.  À sin chaidh e sÌos a Lunainn far an do thòisich e ag obair leis an Cabhlach Cheannaich.

Chaidh na bliadhnaichean seachad. Aon oidhche bha Rob ann an taigh osda ann an Lunainn. Bhrist sabaid a-mach agus a-rithist, lorg Rob e fhein na theis meadhan. A chionn ’s gu robh e cho làidir bha làmh an uachdair aige air na fir a bha na aghaidh – gus an do leum cuideigin air, air ball, bho chulaibh. Thuirt Rob na ghuth laidir, Leòdhasach: “Cha deanadh duine a chuis ormsa ann an sabaoid mar siod ach mo bhràthair Calum.”

Fhreagair a nàmhaid le iongnadh mòr: “An tu a th’ann, a Rob?”

Rinn an dithis bhràthair (nach robh air a bhith còmhla bho chionn iomadach bliadhna) toileachas agus chuir iad failte mhòr air a chèile. Abair gun do chuir an t-sealladh seo iongnadh mòr air luchd an taigh osda, a bha air a bhith a’ coimhead na bha a dol air adhart. Gu mi-fhòrtanach ’s e deireadh duilich a thàinig air Rob bochd. Chaidh a bhàthadh ann am bàgh an Abhainn Thames.

Tha cunntas againn cuideachd anns a' Bheurla: The Epic Battle of Wick.

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Date:
Jun – Aug 1859
Record Maintained by:
CECL