You are here
Oran nan Rodan
Oran nan Rodan
After an infestation of rats in Hacklete, Donald Maciver of 14 Hacklete composed this bardachd. In it he tries to persuade the rats to leave Hacklete and make their way to Linshader where James Mackenzie lives.
Èirich agus tugainn o
Tog do leabaidh gu Tìr Mòr
Thig am Pulaidh1air ar toir
A nall a Thòb nan Cuileag
Air an oidhche gabh thu tàmh
Eadar Earrainn2 's Calum Bhàin3
'S ma thèid sibh don a chùil buntat
Na gàrraich a sìol cur aca
As a mhadainn tog do sprèidh
Mar cìobairean le coin nan dèidh
Gabh thu sìos a huile ceum
Gu ruig sibh Seumas iomallach4
Chan e MacNatan5 tha mi ag ràdh
Ach fear aig a bheil stòr nas fheàrr
Fear a chlann Choinnich mhòr Chiontail
Aig nach eil àl neo ginealach
Thèid thu suas air feadh na h-oidhche
Chun a lobhta tha fòs a chinn
Bith e ag osnaich air a dhruim
'S a cluinntinn nàdar biogarram
Mar e 's gun tig e as ar dèidh
Cur thu ar sgian 's ar sàibh air ghleus
'S toll thu fon an taigh gu lèir
'S na fàg thu speilg fiodh aige.
(1) Malcolm Smith, 4 Earshader
(2) Henry Macinnes, 3 Crulivig
(3) Malcolm Mackay, 4 Crulivig
(4) James Mackenzie; a tacksman in Linshader
(5) James Macnaughton, 5 Crulivig