63244: Oran na Muice-Mara

A satirical piece composed by John Smith, 18 Kirkibost. He portrays Murdo Macdonald ‘am Brunach’ from Tobson as a brave fisherman who harpoons a whale from the shore at Bernera. The whale takes off and the Brunach gives chase; the poem tells of the various places they pass on their way round the Western Isles until they finally end up where they started. It relates the dividing of the spoil and how Customs & Excise heard about the whale and held court in a kiln-house. It concludes with the bard singing the praises of the Brunach and how happy he is that he’s moved to Kirkibost beside him.

Chuala sibh uile mu ‘n t-seanchas,
Gu ‘n d’ thanaig an t-seamalach gu tìr,
Chunnacas i ‘gabhail na laimhrig,
Air rudhachan garbha Bhàrr-sìth.
An latha air an d’ thanaig i dhachaidh,
‘S e ‘n t-Sàbaid a bh’againn air tìr;
Bha diùlaich ullamh gu ‘bòdach,
Gun iomradh air còrdadh mu ‘prìs.

Gun teagamh ‘s e ‘m Brùnach a mharbh i,
Bha ‘chlaidheamh cho dearg leis an fhuil,
Choinnich iad air a Pholl-ghainmhich,
‘S sheas e gu calma roimh ‘bus.
Theich i le eagal a cluasan,
‘S thuirt i, "Cha bhuannaich thu dub,
Bheir mise gu sruth a chuain mhòir thu,
‘S cha ‘n fhaigh thu gu Tobson mi ‘n diugh."

Cha stad sinn gu ruig sinn Rockall,
Am Bronacleit tàmhaidh sinn oidhch’,
Chaidh riaghailtean innse mar tha dhuit,
Gu’ n recite do ghàilleach air suim.
‘S e t-ola ‘bhitheas maith anns an smiùireadh,
Bi mise air mo chrùnadh a chaoidh;
Ma gheibh mi gu fearann mo dhùthch’ thu,
Bi’ meas air a Bhrùnach gach linn.

Gu ‘n iar bha ise a’ stiùireadh,
‘S gille mo ruin air a sail,
Chunnaic na h-Iortaich i smùideadh,
‘S i ‘deanamh a cùrs’ air an ait’.
Do Ghreenland bha i ag iarraidh,
Ach stiùir I gu ‘n iar-dheas a’ phlàigh;
‘Us bhuannaich iad Scalpaigh na h-Earradh,
‘Us Caiptein na mara ‘n a dàil.

Dol troimh na chaol h-Earrach bha fuaim ac’,
‘S fheagair an sluagh a bh’ air tìr
So agaibh maraich na cuantan,
Chuartaich e muir agus tìr.
Thig agus taghail na laimhrig,
‘S gu ‘n innis thu t-ainm ‘us tu sgìth;
‘S gu ‘n innis sinn ‘ n oifis an Tairbeairt,
Gu ‘ n d’ fhuair thu do sheamalach fo chìs.

‘N uair shuidhich thu cùrs’ orr’ gu ‘n earra-dheas,
‘S tu fàgail an Tairbeairt ‘n ad dhèidh.
‘S a nochd thu ri fearann na Mòr-thìr,
‘S na h-Eileanan Mòra gu lèir.
‘N uair thuair thu seachad a’ Càbhag
‘S a fhuair thu sruth tràghaidh ‘n ad dhèidh,
Cha ‘n fhaca mi tighinn à Jersey,
Bàta ‘thoirt bàrr air do cheum.

‘N uair thòisich thu seòladh A’ Mhinch
Gu ‘n choisinn thu meas do ‘n an àit’,
Bha bàtaichean ùra bho sheòl ann
Nach faigheadh gu cala gu bràth,
‘N uair leugh thu do chombaiste cinnteach,
Chaidh bratach a sgaoileadh gu h-àird;
‘S an trompaid ‘toirt urraim do d’ mhòrachd,
‘N uair ghabh thu gu Rònaidh air snàmh.

Dol seachad air Pabuil bha riag ac’,
‘Us timchioll mu Shiadar na h-Aird.
Bha muinntir an Rudha fo ioghnadh,
Nach iarradh tu cala gu tàmh.
Do chùrsa agad an òrdugh,
‘N fhuair thu fo d’ shròin am muir làn;
‘S cho fhada ‘ a ghleidheadh tu Mùirneag,
Ch chailleadh tu cùrsa gu bràth.

Bha solus a’ Bhutt air a lasadh,
An oidhch’ air an d’ amais thu ann,
Ach’s maith leum gu ‘ robh thu cho tùrail,
‘S gu ‘n rinn thu do chùrs’ air a Bheinn.
Nuas mu chladaichean Ghausainn,
Bha lothagan sùnndach ‘n an leum,
A’ teicheadh le eagal an tòine,
Ma ‘s tugadh tu ‘sheòladh iad fèin.

‘N uair rainig thu leth-cheann a’ Chudhail,
Bha ise gu diùid ‘n a tàmh.
‘N uair dh’ aithnich i ‘n t-àite ‘s na thòisich,
A’ chòmhail aig còmhrag an àigh.
Theann thu le d’ chlaidheamh ‘g a lapadh,
‘Us rinn thu fo h-asainn a cràdh,
‘Us chuir thu do chlaidheamh ‘n a thruaill,
‘N uair fhuair thu air uachdar i bàitht’.

‘N uair fhuair thu air uachdar na fairg’ i,
Bho ‘n ear-thuath bha stoirm ‘n a do dhèidh,
Bha marannan ‘arda a’ bùireadh,
‘S cha chuireadh ort curam no gèimh.
‘N uair chuala na bodaich aig baile,
Gu ‘n deachaidh sibh seachad mu Shlèibht
Dh’ èigh iad, "Bliadhna mhath ùr dhuit,
‘S maith do na chrùn thu bhi treun."

Sud an t-ait’ ‘s an robh sealladh,
‘N uair thainig luchd-amhairc mu’n cuairt.
Ag amharc air gairbhead na h-amhach,
Gun adharc tre ‘claigionn no cluas;
An sliochd de ‘n robh i bho h-òige,
Dh’ itheadh iad mòr-èisg a’ chuain,
‘S e sud a chuir pìos air a h-asainn,
‘S a’ libhrig a closach do ‘n t-sluagh.

Muinntir a thainig g’ a feannadh,
Gu moch air a’ mhaduinn Di-luain;
Bha ‘n t-seiche cho duilich a gearradh
‘S cha tugte air cabhaig i nuas.
Bha cuid aca thanaig air fòrladh,
A chlàbhadh gu mòr leis an fhuachd,
‘S na’ m faigheadh iad soitheach de h-eòlan,
Cha chailleadh iad òirleach de ‘snuadh.

‘N uair ghabh an tigh-cuspainn fo laimh i,
Le laghannan daingnicht’ bho ‘ chrùn;
Bha cuid aca ‘tharruing gun dàil i,
Gu dorus na h-àth ‘s an robh chùirt.
Cùirt gun Mhorair gun fhianuis,
Chruinnich iad uile le ioghnadh,
Ag amharc a steach air an t-surraig,
‘S e bucus nam mionnan ‘bha cianail.

B’e Nelson ceann-mara a b’ ainmeil,
Bha riamh ann an Alba bho thus;
Ach fhuair sinn a nise fear ainme,
Nach tugadh do armachd a chùl.
Dhearbh e e fèin aig an daingneach,
Cha ‘n fhaiceadh e soills’ uirr’ le ‘shùil.
‘S e sgoil agus fòghlum a rinn e,
Grinneas na laimh agus tùr.

Sud agaibh uile mo sheanachas,
Gu dearbh cha robh ‘n t-sealgaireachd faoin;
‘N uair thug thu air smuig i gu laimhrig,
A dh’ aindeoin a calmachd ‘s a cao’ch.
Ach bithidh mi nise co-dhùnadh,
Toirt urraim ‘us cliù dhuit air tìr;
‘S bho ‘n ghabh thu do spaid ris an àiteach,
‘S math leam gu ‘n tharr thu ri m’ thaobh.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL