60870: Eachainn Bochd

le Uilleam MacMhathain, Arivruach

Oran eibhinn mu fear a bha bhean ga h’arachaidh

A tale about a henpecked husband

Tha cailleach às a’ bhail’ againn
Abair g’eil i èibhinn
Bith ‘m bodach bochd toirt chasan leis
An dèidh dhith a bhith sèibheadh.

‘S ann càm a tha na fiaclan aice
‘S i ‘n còmhnaidh leis an èideadh
Tha cuid ag ràdh le cinnt, a ghràidh,
Gu robh i anns a’ Navy.

Tha teanga oir mar speal, a ghràidh
Gach madainn is i ‘g èirigh
Am bodach bochd ‘s a’ phìob aige
Tha e teich mus fhaigh i greim air.

Abair thus’ gur bèicear i
Le ‘currants’ agus ‘raisins’
‘Se duis is marag dhubh, a ghràidh
A gheibh thu is tu cèilidh.

Bidh is a’ falbh le baidhsaigeal
Sìos gu taigh Iain Sheumais
Tha fios gu faigh i dram’ aige
Thig i dhachaigh dannsa ‘s ag èigheachd.

Bithidh Eachainn bochd air falach oir
Air cùl cruach Dhòmhnaill Màiri
Chan fhaigh e bhon a’ phlaide nochd
Fhad’s tha ise mar a tha i.

Bha Eirig i le cneabailt’ oir
Bha fear aice air gach gualain
Bha dùil aice gur e ‘belt’ a bh’ann
‘Son a bhith ceangal basgaid mòineadh.

Dh’fhalbh i leotha a Chalanais
Gu òrduighean Mhicìomhair
Fhuair i lioft bho Thormoid Nis
Is sùil robach Aonghais Siarach.

‘S ann cumhang seat a’ ‘mhotorbike’
An dithis ac’ a bha dòigheil
A’ siubhail rathad Lacasaigh
Gus an do ràinig iad air còrnair.

Bha a’ Niseach e cho dall, a ghràidh
Dh’ionnsaidh Leumrabhagh a dh’fhalbh e
Cha d’fhuair i fhathast a Chalanais
Thill i dhachaigh, ach troimh Bharabhas.

Tha tàmailt mòr air Eachainn bochd
Na shuidhe aig ceann a’ bhàthach
Bha dùil gu faigheadh sìth a-nochd
Cha d’fhuair, ‘s chan fhaigh, gu bràth e.

Thig madainn ‘s bidh i trod, a ghràidh
‘S ma gheibh i greim air gràpa
Bidh ‘m bodach bochd air feannagan
Leis a’ bhò a-mach gu àirigh.

Bidh cuimhne aige nuair bha iad òg
Tighinn à Uibhist tron an Tairbeart
‘S e smuaintean gu robh crodh aige
Tòrr chearcan agus airgead.

Ach a’ mhionaid ràinig Steòrnabhagh
Bha e gu tilleadh gu Àrd-Àsaig
Às a ciall nuair fhuair i mach
Eachainn bochd ‘s ann às an Àird e.

Ah uill, sin mar a tha e, ghràidh
Tha cunnart agus èiginn
Nuair a gheibh thu tè à Ceann a’ Bhàigh
‘S chan e tè ghall à Dùn Èideann.

Bith cinnteach nach bith dram’ agad
‘S nach eil thu leis an èideadh
Cha bhith thu às do rian ‘san àite
Gheibh thu faochadh bho gach creutair.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CECL