51702: Iasgairean Bhearnaraidh Leodhais

Be an t-Urramach Domhnall MacAmhlaigh a Circebost a’ srìobh am bàrdachd seo; tha e ag innse mu iasgairean Bhearnaraidh, an t-aimsir a tha ga riaghladh, far am bidh iad ag iasgach agus an t-iasg a bhithear a’ glacadh

A poem written by the Reverend Donald Macaulay, Kirkibost; he writes about the fishermen of Bernera, the weather they are ruled by, where they fish and their catch.

Teirigidh samhradh, ‘s àm na buan’
‘S thèid sinn suas dha’n t-Samhainn
Is mar is dual ri bòrdair cuain
Thig an uair ‘s leinn cha mhath i.
Bith i fuar bho’n tuath
‘S bith i cruaidh leis a ghaillionn –
Gaoth a gheamhraidh gun truas
Ri toirt fuam air na creagan.
‘S bith sìneadh mara ‘s ruith nan stuadh
Feuch co ‘s luaith’ dhuibh thèid seachad
‘Sa ruitheas cabhagach le ruaig
Gus am buail iad air cladach –
Cladach creagach, greannach, cruaidh
A sheasas suas ris na steallaibh
Gus am brisear iad ‘nan smùid
Dol don ghrunnd air a Ghallan.
‘Nuair a thig a ghaoth bho’n iar
No bho’n iar-dheas le doineann
Bith cìrein bhàn air bharr a chuain
‘S e geal is uain’ na chuis-eagail.
‘S bith riasladh mara sruth is gaoth
Bho gach taobh a’ cuir tharais
A’ ruith a stigh gu fearann Uig
Bho Eilein stùcach nam Flannainn.
‘S nuair thig aimsirean na’s fheàrr
‘S a ghaoth ‘nam fàbhar bho’n fhearann
Thèid maraichean a shireadh lòin
Le lìnn mhòr’ air na grunnan
‘S iad maraichean an Loch an Ròg
A tha eòlach mu’n iolla
‘Sam faighear easgannan gu leòr
Is an còrr dhiubh de langan
Cuirear dubhain do’n a’ chuan
‘S togair suas an t-iasg geal as
Oir is pailt an liabag ann fo shàl
Cnòdan cnàmhach is adag
‘S mu’r cladaichean gu tric tha snàmh
An t-iasg a dh’fhàg ar daoine fallain
Cha bhi acras oirnn am Beàrn’raidh
Is iasg gu’r sàth anns an tabh dhuinn
Bho mharaichean nach eil na’s fheàrr
‘S an cuan a’ bàrcadh mu’n claigeann.
Theid iad a mach ri àm droch thìd’
Ach ‘s iad na suinn a thilleas dhachaidh
Oir ‘s eolach iad air marcachd thonn
Is fo’m bonnaibh longan tapaidh.
Theid Niall Iain ‘s Domhnall Sgair’
Is Murchadh Dhanaidh bho’n Dubh-Ob
A mach bho Thòbsunn nan òb
Theid na Domhnullaich le’n criutha
‘S a mach bho Hacleit nam bàgh
Theid Domhnall Màrtuinn le chulaidh
A thogail ghiomach as na càirn
Is iad ‘s gach àit air grunn domhainn –
Giomaich mhòra, ghorma, spàgach
A thogas a’ phrìs àrd an Lunnainn.
‘Nuair thig am blàths, ‘s àm seinn nan eun
Gur bòidheach sgiamhach an sealladh
An saoghal nàduir fo dhreach ùr
Le beath’ a brùchdadh bho ‘n talamh
Bith ciùin is sàmhchair air a chuan
Is e air uachdar mar ghloinne
A chionn gu’n tug an sàmhradh ciùin
Mais as ùr gu ar sealladh.
‘S nach tric a fhuair mi fois is tàmh
Aig a chàrn anns an Tobha
Far an do shealbhaich m’anam sìth
Bhios ‘nam chuimhne ri m’ mhaireann.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL

Related Media

Neil John Macaulay at lobster pond

Neil John Macaulay at lobster pond

Three Bernera fishermen

Three Bernera fishermen