51678: Oidhche Nam Shuain

A poem written by Calum M Macdonald, latterly of Edinburgh, in which he dreams he’s back in Kirkibost in his young days.

Oichdhe nam shuain gun shiubhail mo smuain
Gu daoine bha uasal is bàigheil,
A dhionnsuidh an t-sluaigh bha fuireach aon uair
San eilean san d’fhuair mi m’ àrach.

Bha eilean mo ghaoil ‘na laigh anns na caoil
Ann am meadhan Loch Ròag cho àillidh,
Sann am priobadh na sùl bha balach san raon
Sa Chuairt Fhraoich mu choinneamh Gleann Chàrais.

Bha Loch Bharaglom a’ seòladh le luing
Cur loinn air maise nàdair,
Bha dealbh nam beann a staigh ‘na bhroinn,
Gach cnoc is gleann ‘na sgàthan.

Bha na Tursachan fèin a’ dèanamh sgeul
Air aois na cloich a dh’fhàg iad,
Air draoidhean glic ‘s air diathan brèig
‘S air oidhche dhorch staid nàdair.

Bha tùr ‘na sheasamh as an dùn
Mar mheuran mòr gun eàrlas,
‘S ‘na bhaidealaibh bha treubhan borb
Nach do cheannsaich arm Romànaidh.

Shuidhich mi cùrsa air Gearra na Cùil,
Bha smeòrach a seinn a dhàn ann,
Mairead Nèill air fàs òg, cha robh bata ‘na dòrn,
‘S cha robh siataig a’ leòn a cnàmhan.

Bha MacEansaidh ‘na dheann ag obair gu trang,
A’ saorsainneachd thall aig a bhàthaich,
Leig e ‘n t-òrd as a làimh ‘s thubhairt e ‘Chalum ‘n tu th’ann?’
‘S e cho cridheil, coibhneil, càirdeil.

Nuair thog mi mo cheann bha MacAidh aig an allt
‘S a bhean choibhneil bi cuimhn’ am gu bràth oirr’;
Is bha Iain a’ seinn a cur ceòl troimh na glinn
‘S thog e fonn air Tormod Bàn dhomh.

Bha teaghlach MhicNatan a muigh anns a ghleann,
‘S bha Iain a èigheach mar b’ àbhaist,
Ach fhearaibh mo rùin cha robh ann an Sgìre Uig
A b’ fheàrr mar charaid ‘s mar nàbaidh.

Bha nighean <<3692MhicArtuir ‘s>> cruach mhònadh ‘na cliabh,
‘S bha ‘Tròcair’ a labhairt air teàrnadh,
‘S bha Catriona a’ fighe nan stocainnean mòr
Air son uaisillibh gach ceàrnaidh.

Bha Màiri agus Làraidh beò,
‘S a’ bheart mhòr le ceòl na spàl innte;
Is bha MacIomhair air a dhòigh
Cur ceò a Walter Ràlaidh.

Bha Clann Mhic Aonghais modhail dùinte,
Is an deicheamh earrainn pàighte aca,
Is cha robh dachaidh anns an Eòrpa
Cho dòigheil ris an fhàrdaich.

Bha treubh MhicIain aig an òb,
Is Dànaidh coir gam pàghadh,
Mac Thormoid, mac Dhòmhnaill agus mac Chaluim Mhòir,
Is MacAonghais a’ tarraing a Dà’idh.

Bha sgèimh an t-samhraidh air an t-sliabh
‘S gach teaghlach air an àirigh,
‘S ged bhithinn beò gum bithinn ceud
Chan iarrainn as an àite iad.

Ruith mi air gach baile bh’ ann,
Gach allt is cnoc is càrnan,
Is thug mi sgrìob gu taobh a’ chuain
Far a bheil uaigh mo mhàthair.

Bha fear ri teagaisg air a bheinn
Ri sluagh nach gabhadh àireamh,
Is nuair a dh’aithnich mi cò bh’ ann
Gun dhealaich bhuam mo thàlant.

‘S nuair tha e ‘n dàin dhomh triall dh’ionnsaidh mo Dhia,
‘S a bhios m’ annam gu siorraidh sàbhailte,
Mas toigh leis an Triath thèid mo chnàmhan sa sìos
San rath-thiodhlaic am fianais an àite ud.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL

Related Media

24 Kirkibost in the evening

24 Kirkibost in the evening

Richings & Macdonalds 24 Kirkibost

Richings & Macdonalds 24 Kirkibost