45978: Air Dusgadh Ghearraidh-Bhard

Verses composesd by Kenneth John Nicolson, on the Garyvard revival meetings, 1938.

An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard
Far bheil Spiorad Naomh nan gràs
Ri toirt muinntir dh’ionnsaigh slàinte
‘Sa stigh fo sgàil na brataiche
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Nuair a chuala mise an sgeul
Bha mo shùil a’ sileadh dheur
‘S cha be bròn a lìon mo chrè
Ach gràdh bhan èiginn bheannaichte
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Siud far robh an comunn aillte
Sluagh a ‘ tional as gach àite
‘S mòran dhiubh le fadachd bàis
Gun ruigeadh teàrnadh anam orra
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Bha luchd urnuigh is luchd seinn
As na bailtean uile cruinn
Toirt mac-talla air na glinn
‘S cha robh oidhche ach là againn
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Nuair dh’iomaich Dia air ceann na treud
Anns san fhàsach fad bho chèin
Ghluais an talamh shil an speur
Oir cumhachd Dhe bha aithnichte
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Bha Alan Israeil fo bhròn
Bha na nàimhdean air an toir
Ach Nuair a fhreasgair Righ na glòir
‘Sann chaidh am bròn gu aighear dhaibh
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Is ann mar sin a bha gu fior
Don mhuinntir bha ri strith
Ag iarraidh beannachd bho’n Ard Righ
Is iad cho sgìth de bhagraidhean
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Ach ged a bha iad air an cràidh
Ann am fearann tioram fàs
Thilgeadh fiodh an uisge Mhara
Gearraidh-bhard is Cabharstaidh
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

O nach iongantach do ghràs
Tighinn mar an drùchd na thràth
A’ fàgail beatha far an robh bas
Is gràs far an robh aineolas
An tèid thu leam do Ghearradh-bhard.

Tha e togail bho an ùir
Muinntir anns a bhas bha dùinte
Is tha E ‘g aisig neart is lùth
Da shluagh bha dlùth air fannachadh
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Nis tha coimh-thional na Pairc
Air a bheannachadh bho’n Ard
‘S tha Eaglais na Lice Bain
Dha lìonadh lan’s gur math leam siud
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Tha Leumrabhagh a tighinn fo bhlàth
èirich m’ anam seinn gu h’Aird
Oir tha bratach chaomh nan gràs
Ri cur a sgàile thairis air
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

O! òigridh Ghrabhair thar gach àite
‘Se mo ghuidhe ruibh an traths
Sibh a philleadh dh’ionnsaigh slàinte
Mus faigh sibh bas nar ‘n aineolas
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

O gun tigeadh oirbhse dlùth
Gun tigeadh siud mo chàirdean chaomh
dòrtadh dheth an Spiorad Naomh
A dhuisgeadh as bhur cadal sibh
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Moladh siorraidh do Mhac Dhe
Ged a bha sinn fo’n an neul
Cha do dh’fhàg E sinn gu lèir
Ach dh’èirich chum ar beannachadh
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Tuilleadh piseach, tuilleadh buaidh
Tuilleadh beannachd deas is tuath
‘Se siud mo ghuidhe dhuibh gach uair
Gus an cuirear fuar san talamh mi
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

Bithidh mi crìochnachadh mo dhan
‘S Molaibh leamsa an Tì as Ard
Is giulainibh gu Cathair Grais
Am bàrd is gun e maille ruibh
An tèid thu leam do Ghearraidh-bhard.

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Date:
1938
Record Maintained by:
CEP

Related Media

Garyvard and Caverstay

Garyvard and Caverstay