You are here

Eilean Leodhais ged rinn mi d'fhagail

Eilean Leodhais ged rinn mi d'fhagail

The last composition of John Mackay, of Kershader Lewis and Saskatchewan.

(Air Fonn: Eilean Leòdhais Ge Fada Thriall Mi)

Eilean Leòdhais ged rinn mi d'fhàgail
Gur tric bhios m'inntinn dol nall gum' chàirdean
Gu tabh Loch Eiriseard is slèibh na Pàirce
Far an robh sinn òg measg do thòban àlainn.

Dh'fhalbh na làithean mar cheò nam beanntan
'San robh sinn còmhradh gun bhròn nad' gleanntan
'S ged fada bhuait sinn b' ar luaidh 'san àm seo
Bhi rithist òg far am b'eòlach ann sinn.

An smeòrach chàirdeil rinn tàmh a riamh ann
An cnoc 's an airigh le h'al gach bliadhna
Bu tric a dh'èist sinn, le spèis is ioghnadh
Ri guth bha boideach, 's a cèol bu mhiann leinn.

Is tric 'am bruadar thar cuan na h'àrd thonn
Chaidh mise air chuairt far an d'fhuair mi m'àrach
Gu bhi measg an t-sluaigh a bha uasal càirdeil
An Eilean Leòdhais far nar n-òigh a bha sinn.

Tha grian an t-samhraidh gu mall gar fàgail
Tha ceò ag iathadh air slèibh nan ard chrann
Ach b' ar dùrachd a bhi dlùth don àite
'San robh sinn òg ann an Leòdhas àlainn.

Thig àm an fhogharach is feasgar anmoch
Bithidh sinn cur cùl ri ar cùisean talmhaidh
'San robh sinn òg ann an Leòdhas àlainn.
Gu robh gar stiuireach gu cùrsa ar dòchas.

Title: Eilean Leodhais ged rinn mi d'fhagail
Record Type: Gaelic Verse
Gaelic Name: Eilean Leodhais ged rinn mi d'fhagail
Theme: emigration
Record Maintained By: CEP
Subject Id: 43748