You are here

The Boatman

The Boatman

This well-known song was written by Jane Finlayson (1775-1840) of Tong about her suitor, fisherman Donald Macrae of Uig. She laments Donald's continuing absence and wonders, in the face of her friends' advice to give up on him, whether he will ever return. In fact he did return to marry her and some of their descendents still live in Uig.

Fhir a' bhàta na hò ro èille,
Fhir a' bhàta na hò ro èille,
Fhir a' bhàta na hò ro èille,
Gu ma slàn dhut 's gach àite an tèid thu.

'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta;
An tig thu an-diugh no an tig thu màireach,
'S mur tig thu idir gur truagh a thà mi.

Tha mo chridhe sa briste brùite,
'S tric na deòir a' ruith om shùilean;
An tig thu nochd no am bi mo dhùil riut
No an dùin mi an doras le osna thùrsaich?

'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu, no 'm bheil thu sàbhailt;
Ach 's ann a tha gach aon diubh g ràdhtainn
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut.

Gheall mo leannan dhomh gùn dhen t-sìoda,
Gheall e siud agus breacan rìomhach;
Fàinn' òir anns am faicinn ìomhaigh;
Ach 's eagal leam gun dèan e dìochuimhn.

Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom,
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
Bidh tu 'm aisling anns an oidhche,
Is anns a' mhadainn bidh mi gad fhaighneachd.

Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh;
Cha ghaol bliadhna, 's cha ghaol ràithe;
Ach gaol a thòisich nuair bha mi 'm phàiste,
'S nach searg a-chaoidh, gus an claoidh am bàs mi.

Tha mo chàirdean gu tric ag innseadh,
Gum feum mi t-aogas a chur air dìochuimhn;
Ach tha 'n comhairle dhomh cho dìomhain,
'S bhith pilleadh mara 's i tabhairt lìonaidh.

Bidh mi tuille gu tùrsach, deurach,
Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh;
Guileag bàis aice air lochan feurach
Is càch uile an dèidh a trèigsinn.

-Jane Finlayson

 

Title: The Boatman
Record Type: Gaelic Verse
Gaelic Name: Fear a'Bhata
Record Maintained By: CEU
Subject Id: 38997