You are here

Song by Peggy Eric Maciver

Song by Peggy Eric Maciver

A song about her native village, by Peggy Eric Maciver, 7 Kneep

Tha Cnip os cionn mo dhachaidh tha mu choinneamh Cnoc nan Còrr
Is an tom air cùl an tighe ris an canar Cnoc an Oir
An Fhaoilinn 'S rubha Iolmoir air am b' eòlach mi bho m' òig
Is Sgealasbhalis Liongal cumail fasgadh ris an lòn.

Gun dìrinn bruthach cus nuair a bhithinn a falbh a lorg nam bò
Gun gamhainn seo Druim Raonabrie mu chùl a' Bhaca Mhòir
Gun dìrinn suas Druim Sgeilabhal a fianais Nise Mhòr
Gu faicinn mach an Atlantic s a steach mu Loch a Ròag.

Mar sgàthan tha nam inntinn-sa gach cnoc is gleann is òb
Gach sruthan agus allt a th'ann gu mall a ruith gu lòn
Na caoraich leis na h-uain aca air na liantan ag ith an fheòir
Sa mhadainn mhoch as samhradh a bhith cluinntinn fonn nan eòin.

Mo dhùrachd gu mo mhàthair a tha 'n drasda fada bhuam,
Mo bhràithrean 's gu mo chàirdean is na nàbannan mun chuairt
Dèan innseadh dhaibh mas slàn mi gun tèid mi fhathast air chuairt
Gu lùiginn fallainn slàn sibh anns gach ceàrnaidh 's an taobh tuath

PE Maciver, Kneep

Title: Song by Peggy Eric Maciver
Record Type: Gaelic Verse
Gaelic Name: Cnip
Date: 1985
Record Maintained By: CEU
Subject Id: 38685