37647: Am Parsail Post

Donald Maclennan of 26 Kirkibost composed this poem for the postman Donald Macaulay of 21 Kirkibost.
It was a humorous work listing some ‘suitable’ parcels for members of the community.

‘Se am parsail post
‘Se am parsail post
Tha cudthromach ri ghiùbhlan
‘Se am parsail post
‘Se am parsail post
A rinn mo dhruimsa crùbach

Bha bàta gu Macartair1
Gu Madras2 bha crùbag
Bha cearcail dha’n a Mhàighstear3
‘S do an Gàidheal4 suistir

Bha sreing dha Murchadh Moireasdan5
‘S maide airson an taoimidh
Bha sìoltachan gu Barbara6
‘S leabhar Shàilm ‘s gùn ann

Bha broga gu ‘an Ghiollais7 ann
‘S ghimleid ‘s tùthag
Bha strabhlaidh gun a Bhalachan8 ann
‘S gu Murchadh Thormoid9 pollais

Bha locair mhòr gu Dol10 ann
‘S gu Bonnie11 bolla siùcar
Bonaid chlò gu Tullaman12
‘S tunna gu Pluic Shiùcair13

Bha branndaidh gu Mac Sgàire14 ann
‘S gu Aonghas Màiri15truisear
Gu Coinneach16 gu robh ràcan ann
‘S gu Daibhidh17 an ruma dhùbailt

Bha dealgan gun a Bhàrd18 ann
Agus làmhadh gun a Bhrùinich19
Bha sàbh gu Domhnall Màiri20 ann
Agus air-los airson smuiradh

Bha canabhas ‘s coigridh ann
Gu calcadh toinn na h-iùraich
‘S bha razor ‘s bruisean òrdugh ann
Gu Peigidh Mhòir na Dùine21

Bha plèide bheag dha Scogan22 ann
‘S gu Cailean George23 cìr chùil ann
Bha botull mòr gu Dòdaidh24 ann
‘S gu Calum Mòr25 bha turstan

‘Se am parsail post
‘Se am parsail post
Tha cudthromach ri ghiùbhlan
‘Se am parsail post
‘Se am parsail post
A rinn mo dhruimsa crùbach

(1) Angus Macarthur, 1 Kirkibost
(2) John Macaulay, 2 Kirkibost
(3) Angus Maclennan, 3 Kirkibost
(4) Angus Maclennan, 5 Kirkibost
(5) Murdo Morrison, 4 Kirkibost
(6) Barbara nee Macrae, 4 Kirkibost
(7) John Gillies, 6 Kirkibost
(8) John Maclennan, 8 Kirkibost
(9) Murdo Macdonald, 7 Kirkibost
(10) Donald Macdonald, 11 Kirkibost
(11) Catherine nee Macdonald, 10 Kirkibost
(12) Norman Macdonald, 9 Kirkibost
(13) Alexander Maclennan, 10 Kirkibost (father of Neil)
(14) Angus Macaulay, 12, Kirkbost
(15) Angus Macaulay, 13 Kirkibost
(16) Kenneth Macdonald, 15 Kirkibost
(17) John Macdonald, 14 Kirkibost
(18) Donald Macdonald, 16 Kirkibost
(19) Murdo Macdonald, 17 Kirkibost
(20) Donald Macaulay, 19 Kirkibost
(21) Margaret Gillies, 20 Kirkibost
(22) Ann Macdonald, 25 Kirkibost
(23) Catherine Macdonald, 23 Kirkibost
(24) John Macnaughton, 23 Kirkibost
(25) Malcolm Macdonald, 24 Kirkibost

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Theme:
humour; post
Record Maintained by:
CEBL