25598: Air fà-il eileadh horo hi

Air fà-il eileadh horo hi

Air fà-il eileadh horo hi
Hill e liù nam b’àill leat mi
Air fà-il eileadh horo hi.

Cha chreid mi fhin nach e mo luaidh
Tha cur mun cuairt aig Bhàcasaigh

Ge dubh do cheann is geal do chridhe
Rùn mo chridh’ is aluinn thu.

Meudail air do shuilean donna
‘S dòrainneach a dh’fhàg thu mi.

M’eudail fhìn air aghaidh na sìth a
‘S ann agam fhìn a b’fheàrr leam thu.

Is mise dh’aithnich air do sh’uil
Gur ann à Uig a thainig thu.

B’fheàrr leam aon fhear ann an Uig
Na triùir a bhalaich Chàrlabhaigh

Cha chreid mise gun cluinn mi
Gur ann le fuath a dh’fhag thu mi.

Cha chreid mi nach eil mo dhochas
Aig bun sgoth an ait’eiginn.

Is ged nach eil do chrodh air buaile
‘S aotrom luath am bàt agad.

M’eudail ort ged tha thu dubh
Chan fhaigh fear buidhe t-ìte bhuam.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL

Related Media

Valasay Bridge

Valasay Bridge