25594: S na hi o hu Chalumain

A song by Mary Macdonald (b1885), of Hacklete and Valasay.

‘S na hi o hù Chalumain

‘S na hi o hù Chalumain
Fallain gum bi thu
‘S na hi o hù Chalumain

‘S math thig breacan air fhiaradh
Air sliasaid mo ghaoil sa

O fhir a chuil bhuidhe
Ni a bhruthach a dhireadh.

O fhir a chuil steidich
Ged is fheudar dhomh innse.

A Chaluim bheirinn ort comhairl’
Gun Beinn Mhothail a dhireadh.

Mas toir iolair’ mhòr a Chliseam
Chun a nid thu na h-‘inean.

Thig mo ghun as an Fhraing
Le chuid fraoidhnichean sioda.

Thig mo bhoineid as a ‘bhùth
Le chuid fhoors na aodann.

Thig mo bhotunnan dhachaigh
Le ‘Elastic’ nan taobhan

Tha mo chleoc ann an Glaschu
‘S thig e dhachaigh ri tìde.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL

Related Media

Valasay Bridge

Valasay Bridge