24416: Amhran an Iasgaich

Verses by John Smith of 18 Kirkibost.

Nuair thàinig am an iasgaich dhuinn
S a thriall gach fear air falbh,
‘S e ‘n turas nach do riaraich sinn,
Bha a’ bhliadhna buileach searbh:
Bha anshocair ‘s droch thìd againn,
Le uisge ‘s gaoth is stoirm –
Cha mhòr nach d’ rinn mi gluasad
Le mo chòta ruadh dhan arm!

B’ e ‘n turas thug bhon bhaile sinn
A dh’ amharc air na Goill;
Bha an latha againn air allaban
‘S man bu tric an oidhch’,
Bha òrdugh agus ùghdarras
Gar stiùireadh air gach làimh,
‘S gum bu tàmailteach na h-iasgairean
‘S an t-iasgach buileach gann.

Bu chaithreamail ‘s bu spòrsail iad
Ri tòiseachadh air lìn,
A’ tarraing as na stòir a-mach
Na dh’fhòghnadh ann an trì!
Bha cotan agus còcrach ach
Gan seòrsachadh air tìr,
‘S nuair chaidh sinn uile air bòrd innte
Bha Dòrdaidh rinn an sìth.

Diluain nuair rinn e gluasad leinn
‘S a fhuair e i air dòigh,
‘S a shuidhich e gu tuath oirre
Bha a duathais roimh a stròin;
Bha canabhas ga chruadhachadh
Ri stuaghan a’ chuain mhòir,
Ach tilleadh cha bu diù leotha –
Chan ùmhlaicheadh na seòid!

Nuair ràinig sinn na bancannan
Air feasgar nach robh ciùin,
Bha ise triall fo chanabhas
Na gaileap man an cù.
Nuair fliuair e man bu mhiann leis I
Le ianlaith air gach taobh
Chaidh canabhas a lòraigeadh
Le òrdugh fear mo rùin.

Nuair chaidh an drioft a shìneadh aist
Bha sìr dhol aice am miad;
Air tarraing cha robh luaidh aige
Gum buannaicheadh i fiath.
Bha ‘weatherglass’ air bòrd aige
‘S an ‘stormy’ na bial,
Gun sealladh air Roinn Eòrpa againn,
‘S gun dòrn air bòrd de lion.

Nuair chaidh an t-sèine chliaraigeadh
‘S a cheangladh i ma stròin
‘S a fhuair sinn fon a’ chiamhaich I
B’ e siud mo mhiann-s’ air dòigh.
Bha rùileachan gan leughadh leis
Man a dh’fheumadh e bhith beò
‘S a’ phropartaidh gu lèir aige
Ga reubadh sa chuan mhòr.

Nuair a shìn sinn air an tarraing
Bha na balaich ann an spuinns’,
Cha robh fiù ‘s na h-àrcaichean
Ga fàgail ris an druim;
Bha seisear ann an òrdugh
Air na ròpan gan toirt innt,
Air chabhaig gus an seòladh sinn
Gu shore ron an oidhch.

Nuair chaidh an t-slat a hiucaigeadh,
Bha Uilleam ron an t-seòl
Bha an sgiobair anns an deireadh,
Agus sinne call nan dòrn.
Bha spionnadh ar cuid ghàirdeanan
Ga fhàsgadh air gach ròp
Ri cuibhligeadh nam bàcannan,
‘S ar làmhan air an leòn.

Bha ghnùis aige a’ fas uamharrach,
Fo ghruaman agus tùrs’
Is eagal air nach buannaicheadh
I Bhruaich no Inbhir Uig.
Bha a’ chulaidh air a giarachadh
Bho dhianadh i o thùs
‘S gun seasadh i gu lìonaist i
Ri siaban a’ mhuir-chùil.

Gum bu slàn don charpantair
A thog am bàta ruadh,
Chuir giuthas agus leàrag innte
‘S pàirt dhen an fhiodh chruaidh
Bha strapaichean de phràisich
Fon an t-sàil aice mun cuairt,
‘S ged thug an turas tàire dhith
Cha do dh’fhàiling i na luath’s.

Bha sinn sgìth is tabhoinneach
Mus tug i mach an tìr.
Ged ràinig i san anmoch leinn
Gur fhad air falbh a sgrìob.
Bha laisigeadh le dùrachd
Air an iubhraich a bha sìnt,
‘S nuair fhuair sinn air a caoiteachadh
Bha an oidhch’ againn dhuinn fhìn.

Nuair fhuair sinn bhuaidhe ar tuarastal.
Bha uair againn de thìm,
Is ghabh sinn làn na cuaiche
Dhen an stuth bu chruaidhe brìgh.
Bha haileardan an òrdugh
Anns gach còrnair ri ar taobh
Cur geilidh ris na còcairean
‘S na h-òighean fon a’ chaoch.

An t-inbhidh a rinn coiseachd leinn
Tro mhonaidhean na tìr
Nuair fhuair e air a dhronnaig sinn
Bu thogarrach a cheum.
Thug e far ar cùrsa sinn
Dhan dùthaich aige fhein,
‘S cha deidheadh e leinn a Steòrnabhagh
Nuair ghabh am pony rèis.

Bha e air a bheathachadh
Le deathach agus gual,
‘S thug e dh’ Obar Dheathan sinn
‘S cha teidheadh e mu thuath.
Bha rùit a’ dol a’mhòinteach air,
‘S a chòmhnaidh fada bhuaidh’,
Ach thug e blàths is coimhneas dhuinn
Car oidhche ‘s sinn air chuairt.

‘Sa mhadainn nuair a dh’fhalbh e leinn
Tro gharbhlach nam beann àrd,
Bha smùid ri dol ma chalpannan
‘S a mharbh-bhus anns an làr.
Cha robh muing no iorrball air
Na bile cuilg a’ fàs,
‘S cha dèanadh fuachd a’ gheamhraidh
An t-each Gallda chur na thàmh.

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Theme:
fishing
Record Maintained by:
CEBL

Related Media