1185: Na làithean a dh’fhalbh

Kenneth John Smith of 1 Earshader reminisces about days gone by and the changes he’s seen in the district since then.

Chan fhaic mi seòl ga chuir air dòigh
Buille ràmh san dòrn cha chluinn mi
‘S na nithean còir bha ann nam òig.
Gun dh’fhalbh ‘s rim bheò cha till iad.

Gach cagailt bhlàth fo shiùthe ‘s fo spàrr
Nach bu chàilear leat bhith annta
Na do shuidhe air fàd ‘s gach cathair làn
‘S coire pràisg air srabhlaidh.

Bhiodh bodaich chòir le feusag mhòr
Toirt òraid anns gach àm dhuinn
Ri luaidh mu iasgach a’ Chuain Mhòir
Far na shil iad bòid ‘s a’ghanntair.

Bhiodh iad a’ luaidh mu bhàt is seòl
Is ròpan agus combaist
Mar a ‘reefaig’ iad ri dol chun còrsa
‘S an fhairge mhòr le greann oirr’.

Bhiodh òraid aca mun a’ Bhruaich
Is Sealltainn agus Stronsay
Is nuair tharraing iad trì fichead lìon
Chaidh siùil gu dion a “shizeadh”

Is an uair a ghabh na siùil ud làn
Bha an sgiobair sàs air cuibhle
Bha ‘sheet’ ‘s ‘hel’ard’ ‘s iad fo spàirn
‘S am bàta ‘s i ag cuir tuinn dhith.

Bhiodh cailleachan coibhneil, ciallach, còir
Bu dòigheil air gach teinntean,
A’ chlòimh ‘s a’ chàrd bhiodh aca nan dòrn
‘S a’ chuibhle shnìomh le srann aic.

Nuair thigeadh àm gu luadh a’chlò
Gum b’ iad na seòid bhiodh aoibhneach
Bhiodh slaic bho shlaic aca leis gach dòrn
‘S òran ceòl ga sheinn aca.

Nuair thigeadh coigreach dhaibhsan dlùth
Bhiodh iad le gnùis bhiodh aoibhneach
Cuir biadh bhiodh freagarrach don chuis
Gus ùrachadh le coibhneas

Nuair thigeadh `am an t-samhraidh dlùth
Bhiodh maighdeannan gu h-aoibhneach
A dol le crodh gu innis fhraoich
Gu airidh measg nam beanntan.

Ach ciod tha nise fo mo shùil
Cha shùgradh dhomh ‘s an àm e
Ach taighean ‘s iad air bheagan dhaoin’
Is raointean gun crodh laoigh orr

Cha leig sinn di-chuimhn air na bha
An comunn blàth ‘s coibhneil
Bhiodh aoradh aca anns gach tràth
‘S Sailmean gràs ga seinn aca.

Ged nach robh ‘carpet ‘ air an làr
Neo ‘parlour’ làn de shaibhreas
Gun sheas iad cruadal anns gach àite
‘S an cliù gu bràth gu seinn mi.

 

 

 

 

 

 

 

Details
Record Type:
Gaelic Verse
Record Maintained by:
CEBL