109135: Cunntas air Teampall na Trianaid, Cairinis

Toiseach na h-eachdraidh.

Is i Teampall na Trianaid ann an Càirinis, coisrigte dhan Trianaid Naomh, an t-ionad eaglaiseil as cudromaiche an Uibhist a Tuath.  Chan eil fios le cinnt cuin a chaidh a togail. A rèir cunntas a’ Choimisein Rìoghail air togalaichean àrsaidh agus eachdraidheil san Eilean Sgitheanach agus ann an Innse Gall (1928) tha coltas air na tha air fhàgail den togalach gum boin e don t-16mh linn ach “ann an cumadh tha an togalach coltach ri fear a thogadh sa 14mh linn”. Tha seo a’ ceangal ri eachdraidh sgrìobhte bhon t-17mh linn agus ri beul-aithris a tha beò chun an latha an-diugh ann an Uibhist a Tuath, a tha le chèile ag ràdh gur i Aimidh NicRuairidh a thog an teampall.

Aimidh agus Cairistìona NicRuairidh

Bhoineadh Aimidh do Chlann ’ic Ruairidh, an teaghlach aig an robh sealbh air Uibhist, Barraigh, Rùm, Eige agus sgìrean air cost an iar na h-Alba bhon 13mh linn gu meadhan a’ 14mh linn. Bho timcheall air 1337 gu 1350 bha i pòsta aig Iain, ceann-cinnidh Chlann Dòmhnaill, Tighearna nan Eilean. Tha an eachdraidh bhon t-17mh linn ag innse gur i cuideachd a thog Caisteal Bhuirgh agus Teampall Chaluim Chille ann am Beinn na Fadhla, Caibeal Mhìcheil ann an Griomasaigh agus Caisteal Tioram ann am Mùideart.  Ach a thaobh Teampall na Trianaid, tha fianais againn oirre nas tràithe na sin.  Tha seo ann an còir-sgrìobhte bho 1389 a bha a’ daingneachadh còir a thugadh an toiseach do Chairistìona NicRuairidh air an Teampall agus air an fhearann co-cheangailte rithe. B’ i Cairistìona piuthar-athar Aimidh agus bhiodh ise beò anmoch san 13mh linn agus a-steach dhan 14mh linn.

Beathag

Tha deasbad mu dè cho fada, no an robh idir, an teampall air an làraich ro àm Cairistìona. Tha an aon fhianais a tha againn a’ tighinn à cunntas eile bhon t-17mh linn, Leabhar Chlann Raghnaill a sgrìobh Clann MhicMhuirich, an teaghlach ainmeil a bha nam bàird is nan seanachaidhean aig Tighearnan nan Eilean agus, a-rithist, aig Cinn-chinnidh Chlann Raghnaill.  A rèir Chlann MhicMhuirich b’ i Beathag, nighean Shomhairle, Tighearna nan Eilean (ch.1164), a stèidhich an teampall.  Tha e coltach gur i Beathag a’ chiad bhan-phraidhear a bh’ air dachaigh nan cailleachan-dubha ann an Eilean Ì, an dèidh dha a bràthair, Raghnall, an t-ionad sin a stèidheachadh ann an 1203. Ach, gun tuilleadh fianais, chan urrainn dhuinn a ràdh le cinnt gur ise a stèidhich an teampall.

Raibeart Brus

Tha a’ chòir-sgrìobhte bho 1389 a’sealltainn gun robh Cairistìona NicRuairidh air Teampall na Trianaid a thoirt do Abaid Augustinianach Innis Aifrinn ann an Siorrachd Pheairt.  Is dòcha gum bi e neònach le cuid gun do thagh i Innis Aifrinn, ach bha adhbhar aice. Sa Mhàrt 1306 chrùnadh Raibeart Brus mar Rìgh na h-Alba agus thòisich e ri srì airson Alba a shaoradh bho smachd Shasainn. Cha deach gu math leis an toiseach agus b’ fheudar dha an geamhradh 1306-07 a chur seachad na fhògarrach. Sgrìobh am fear-eachdraidh Iain à Fordun gun do chuir e seachad an geamhradh sin anns na h-Eileanan agus gur e an cuideachadh a fhuair e bho Chairistìona NicRuairidh a chùm beò e. Mar sin, faodaidh sinn a thuigsinn gun tug Cairistìona Teampall na Trianaid do Abaid Innis Aifrinn mar thaing airson mar a thug Brus còir dhi fhèin air eaglais Chill Fhinn agus Caibeal nan Sraithibh, agus mar fhianais eile air an dàimh làidir a bha eatarra.

Tighearnas nan Eilean

Tha e glè choltach, ma-thà, gun tug Cairistìona seachad còraichean Teampall na Trianaid uaireigin às dèidh 1306-07.  Chaidh an tabhartas sin a dhaingneachadh le Raghall Fionn, Ceann-cinnidh Chlann MhicRuairidh, mac a bràthar. Mhurt Iarla Rois esan ann an 1346 agus b’ i Aimidh, a phiuthar, a-nis an t-oighre. Mar a thuirt sinn roimhe, bha ise, aig an àm sin, pòsta aig Iain, Ceann-cinnidh Chlann Dòmhnaill, Tighearna nan Eilean, agus mar sin bha Uibhist a Tuath agus na fearainn eile a bh’ aig Clann MhicRuairidh a-nis fo smachd Chlann Dòmhnaill, an toiseach fo Raghnall agus, às a dhèidh, Goraidh – dithis mhac bhon phòsadh aig Aimidh. Tha àite mòr aig Goraidh ann an eachdraidh agus ann am beul-aithris Uibhist a Tuath. B’ e esan, ann an Caisteal Tioram ann am Mùideart, air 7 Iuchar 1389, mar “Tighearna Uibhist”, a dhaingnich na còraichean a bh’ aig Abaid Innis Aifrinn air Teampall na Trianaid.

Is fheudar gun do chaochail Goraidh ro 6 Dubhlachd 1410. Air an latha sin, le còir-sgrìobhte ùr, dhaingnich a bhràthair Dòmhnall, Tighearna nan Eilean, na còraichean sin a-rithist. Ach, a rèir coltais, chaidh an ceangal eadar Teampall na Trianaid agus Innis Aifrinn a bhristeadh uaireigin às dèidh sin. Tha pàipearan màil bhon t-16mh linn a’ sealltainn gur ann aig Aba Eilean Ì a bha na còraichean a-nis air na fearainn a bhoineadh dhan Teampall.  B’ e Eilean Ì am prìomh ionad eaglaiseil an taobh a-staigh crìochan Tighearnas nan Eilean.

Beul-aithris

Bha àite sònraichte riamh aig Teampall na Trianaid ann am beul-aithris Uibhist a Tuath. Bha e ri ràdh gur i Aimidh NicRuairidh a stèidhich i.  Is aithne dhuinn nach eil sin ceart, agus is fheudar gun do rinn am beul-aithris dìochuimhn’ air Cairistìona NicRuairidh. Bha e ri ràdh cuideachd gun do fhliuchadh an t-aol a chaidh anns na ballachan aice le uighean gus gum biodh iad nas làidire, agus gun robh ulaidh air a tiodhlacadh beagan an iar-thuath oirre. Tha aon sgeulachd a’ toirt beagan soilleireachaidh dhuinn mun togalach annasach ris an canar Teampall Chlann a’ Phiocair.  Tha trannsa a’ ceangal an togalaich seo ri Teampall na Trianaid, agus tha cunntas 1928 ag ràdh gur e “taigh” a bh’ ann a chaidh a thogail nas anmoiche, ’s dòcha mu dheireadh an t-16 linn.  Tha Clann a’ Phiocair Uibhist a Tuath uile de shliochd fear dom b’ ainm Dòmhnall, Am Piocair Mòr, a bha beò ann an linn an Ath-Leasachaidh.  Bha a’ mhòr-chuid dhe na fearainn eaglaiseil ann an Uibhist a Tuath, agus Càirinis nam measg, aige fhèin agus a cheathrar mhac.  Chaidh a cheathrar mhac a mhurt air òrdugh Ùisdein mac Ghilleasbaig Chlèirich, fear de Chlann Dòmhnaill Shlèite. Is cinnteach gun robh a’ chòmhstri seo na pàirt den chòmhstri a dh’èirich fad’ is farsaing an Alba mu na fearainn eaglaiseil an dèidh an Ath-Leasachaidh.  Tha òran againn fhathast a rinn piuthar nam bràithrean  mar mharbhrann dhaibh agus tha e a’ cur taic ris an sgeulachd seo.  Is cinnteach gur ann bhon teaghlach seo a fhuair Teampall Chlann a’ Phiocair an t-ainm.  Chan eil teagamh nach robh an sliochd aca a’ tiodhlacadh air a làraich.

Ainmean-àite

A rèir còir-sgrìobhte 1389, seo na fearainn a bh’ aig Teampall na Trianaid: a h-uile sgath de Karynch (Càirinis an-diugh) agus na ceithir peighinnean ann an Ylera eadar Husaboste agus Kanvsorrarath. Tha seo na fhianais chudromaich a thaobh eachdraidh nan ainmean-àite sin. Tha ainmean-àite eile againn a tha co-cheangailte ris an Teampall a thoradh gun robh, coltach ri cuid de eaglaisean eile, combraig mar chearcall mu thimcheall oirre. Tha Fadhail na Combraig deas air an Teampall, eadar Càirinis agus Beinn na Fadhla.  Is dòcha gu bheil Cnoc na Croise Mòire agus Cnocan na Croise Bige, le chèile faisg air an Teampall, nan cuimhneachain air far an robh croisean uaireigin a’ comharrachadh crìochan na combraig, ged nach eil dad air fhàgail dhiubh an-diugh. Tha beagan de chàrn fhathast ri fhaicinn air mullach Cnoc nan Aingeal, 300 slat an ear-thuath air an Teampall, agus dh’fhaodadh e a bhith gun robh crois an sin cuideachd.

Blàr Chàirinis

Tha Blàr Chàirinis iomraiteach ann am beul-aithris agus tha dlùth cheangal aig Teampall na Trianaid ris an eachdraidh sin.  Chaidh am blàr a chur sa Chèitean 1601 nuair a thàinig buidheann de Chlann ‘ic Leòid dhan dùthaich a thogail creiche. Thàinig grunnan beag de Chlann Dòmhnaill orra gun fhiosta agus, leis a’ ghaisgeach ainmeil Dòmhnall mac Iain ’ic Sheumais air an ceann, chuir iad an teicheadh orra. Tha cuimhne air an latha sin fhathast ann an òrain agus cuideachd ann an ainmean-àite leithid Oitir Mhic Dhòmhnaill Ghlais, far an deach ceannard nan Leòdach a mhurt,  agus Fèith na Fala (ged a dh’fhaodadh mìneachadh eile a bhith an cois an ainm sin). Tha cuid beò chun an latha an-diugh a shloinneas iad fhèin air ais gu feadhainn a bha an sàs sa bhlàr. Tha iomradh air a’ bhlàr ann an cunntasan, cuid a bhoineadh dhan riaghaltas, agus tha an  eachdraidh a sgrìobh Sir Raibeart Gòrdan san linn sin, A Genealogical History of the Earldom of Sutherland, a’ cur taic ris a’ bheul-aithris. Tha e ri ràdh gun do chuir na Leòdaich seachad an oidhche ron bhlàr ann an Teampall na Trianaid agus gun deach am blàr a chur glè fhaisg air làimh.

Ionad-foghlaim

A rèir na h-eachdraidh a bu bhitheanta, bha cliù aig Teampall na Trianaid mar ionad airson foghlam agus teagasg. Tha e ri ràdh, mar eisimpleir, gun d’ fhuair am feallsanach ainmeil Dun Scotus (c1265-1309) oideachadh an seo. Chante gun do mhair an teagasg seo a-steach dhan 18mh linn agus gur e Dòmhnall Ruadh a’ Bhaile Shear an sgoilear mu dheireadh a bh’ innte – fear nach robh ach beagan is fichead nuair a chaidh e an sàs ann an ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Ged nach gabh an eachdraidh seo a dearbhadh le cinnt, chan eil teagamh nach robh ionadan eaglaiseil anns na Meadhan-Aoisean nan ionadan-foghlaim cuideachd, agus bha sin gu h-àraidh fìor air a’ Ghàidhealtachd. Fhathast, a rèir a’ bheòil-aithris, bha inbhe nas àirde na sin aig Teampall na Trianaid agus tha rannsachadh bho chionn ghoirid air sealltainn gu bheil an fhianais eachdraidh ann am beul-aithris nan Gàidheal cho ceart is gur e neach-eachdraidh gu math dàna  a dhèanadh dìmeas air an-diugh.

Ìomhaighean

Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air Teampall na Trianaid thar ghinealaichean agus chan eil teagamh nach deach cuid dhe sin a dhèanamh tro bhith a’ goid chlachan airson thogalaichean ùra. A rèir Alasdair MhicIlleMhìcheil, a bha a’ togail beul-aithris  ann an Uibhist a Tuath anns an 19mh linn, bha stìopall air an stuaidh an ear le ìomhaigh air a mhullach a bha ’s dòcha a’ riochdachadh na Trianaid.  Tha cunntas bhon t-17 linn a’ toirt iomradh air ìomhaigh fhiodha dhen Trianaid Naoimh a bh’ air a cumail am broinn an teampaill.  Tha e ri ràdh cuideachd gun deach grunnan leacan is chlachan-uaghach a bh’ air an snaigheadh a thoirt air falbh, ach dh’fhaodadh e a bhith gu bheil cuid ann fhathast, nan laighe fon talamh.

Co-dhùnadh

Chì sinn, ma-thà, gu bheil Teampall na Trianaid a’ ceangal stòras prìseil, domhainn, de dh’eachdraidh is de bheul-aithris ri chèile.  Tha cuid dheth ionadail (Clann a’ Phiocair agus Blàr Chàirinis), cuid dheth sgìreil (Eilean Ì agus Tighearnas nan Eilean), agus cuid eile nàiseanta (Raibeart Brus agus Abaid Innis Aifrinn).

An English version of the text is available here

Details
Record Type:
Story, Report or Tradition
Type Of Story Report Tradition:
Report
Record Maintained by:
CGTNT

Related Media

Aerial view of Teampall na Trianaid

Aerial view of Teampall na Trianaid

Looking east over Teampall na Trianaid

Looking east over Teampall na Trianaid

The temple, looking west towards Baleshare

The temple, looking west towards Baleshare